Cha 'n fheil e 'n am chomas cliù Shir Seorais Rois a chur an céill air
an doigh so, ann an duan no òran, ach, mar sheanachaidh feuchaidh mi ri
clach a chur 'n a chàrn.
B' e athair, Seumas Ros, a mhuinntir Inbhir-feotharain, a'n Siorramachd
Rois. Mar a dh'fhàs e suas chaidh e gu sgìre Eadardain, air taobh an
ear-thuath de'n t-siorramachd. Bha e 'n a bhall measail de chomhthional
Mhr. Chamshroin, agus tha ainm fathasd air chuimhne am measg nan seann
daoine. Agus b'i mhàthair Eilidh Nic-Fhionnghain, a bhuineadh do
theaghlach a chaidh o Inbhirnis gu taobh tuath fadhlach Chrombaigh, a 'n
Siorramachd Rois. Bha deagh chliù oirre 's a' choimhearsnachd, agus mar
a fear-posda fhuair i mór spéis bho càirdean 's an t-seann dùthaich. Bha
chàraid so de fhuil ghlan Ghaidhealach fad iomadh ginealach; bha iad ni
b'eolaiche air an teangaidh Ghaidhlig na bha iad air a' bheurla
Shasunnach, agus b' abhaist do Shir Seoras, am mac, uaill a dheanamh
gu'n d'fhuair e cànain agus smior a shinnseara gun smal gun ghiamh orra.
Mar a rinn móran Ghaidheal eile 's an am, thriall Seumas Ros agus a
bhean gu Canada, "tir a' gheallaidh" an la ud mar an diugh. Ach tha
atharrachadh mór eadar suidheachadh Chanada an diugh, 's an dé. Tha e
furasda do'n eilthireach a shlighe a dheanamh an diugh gu Canada an
coimeas ris an turus cheudna a ghabh Seumas Ros mu thri fichead bliadhna
's a dha dheug roimhe so. An diugh foghnaidh da sheachdain air muir, is
aon seachdain air tìr ge b'e cho fada 's a tha aig neach ri dhol. An sin
ghabhadh e sè no seachd seachdain air cuan agus seachdain no'n còrr air
loch is abhainn, a bharrachd air an ùine thar ròidean garbh-thollach
tulganach, neo-shocaireach tre'n fhàsach, air am bitheadh e fein, a
theaghlach, 's a chuid de'n t-saoghal air an tarruing air slaod-dhaimh
gun dad a chabhaig.
Thog an Rosach fearann ann am Middlesex aig Naruinn, àite a bha air
ainmeachadh air Inbhir-Naruinn anns a' Ghaidhealtachd. Thuinich comhlan
math de mhuinntir Rois 's an aite so, daoine sùghail, còir, coguiseach,
nach d'fhàg as an deidh air taobh thall a chuain, cràbhachd an
athraichean. Anns an tìr so chum iad "gu daingean samhladh firinneach
nam briathran fallain a chuala" iad 'n an oige, agus cho luath 's a
b'urrainn daibh thog iad, ann am frìthean domhail Ontario, Béteil dhaibh
fein, anns an robh teagasgan móra a' Bhiobuill air an cuir an céill gu
soilleir, soisgeullach, a réir bheachd "Athraichean Rois," mar ann an
leabhar an Doctair Cheannaidich, Urramaich, nach maireann. Bha
ministearan tearc, oir bha 'n sluagh sgapta 'n am badanan beaga thall
'sa bhos thar mór astar, ach bha na daoine, mar a b' fhearr a b' urrainn
daibh, "a' cumail am mach facail na beatha"; bha frasan o'n àirde ag
ùrachadh an fhuinn, agus a'n deagh àm thainig toradh trom am mach.
Ach cha d' fhàg na daoine so an cruaidh-fhortan 's am bochdainn 'n an
deidh 's a' Ghaidhealtachd. Bha eiginn agus uireasbhuidh a' feitheamh
orra a' n so, agus b' iomadh strith a bh' aca ri dheanamh a chumail an
cinn os cionn na h-an-shocair. Dh'fhàg iad fearann cumhang, sluaghmhor;
thainig iad gu fearann farsuing, beag-shluaghach. 'S an t-sean aite bha
'n daimhich 's an càirdean fein aca. Ged bhitheadh an lòn air uairibh
gann, gaoth an ear-thuath air uairibh greannach, cruaidh, bha'm fàrdach
blàth le bàidh do chach a cheile. 'S an tir ùr bha lòn ri chosnadh le
neart ghairdein agus spionnadh cridhe a thug cruaidh-dheuchainn air an
neach a b'fhearr dhiubh. Cha d' thainig iad o an-shocair gu socair, ach
gu duthaich, gealltanach mar bha i, a bha doirbh ri h-àiteachadh.
'S lionmhor rann a chaidh dheanamh mu chor nan Gaidheal a bha'm measg
ceud luchd-àiteachaidh Chanada. Tha na rannan a leanas o'n bhàrd
Mac-Gillean, Mherigomish, 'dol direach gu cridhe na cùise, 'n a dhoigh
gheur-bhriathrach fein. Ged rinneadh iad air Nova Scotia tha iad fior mu
sheann Ontario, mar an ceudna:--
'S i so an dùthaich 's a bheil an cruadal
Gun fhios do'n t-sluagh a tha tigh'nn a nall,
Gur h-olc a fhuaras oirnn luchd a' bhuairidh
A rinn le'n tuairisgeul ar toirt ann.
Ma ni iad buannachd cha mhair i buan dhaibh,
Cha dean i suas iad 's cha'n ioghnadh leam,
'S gach mallachd truaghain a bhios'g an ruagadh
Bho'n chaidh am fuadach a chur fo'n ceann.
* * * * *
'N uair thig an geamhradh is àm na dùbhlachd
Bidh sneachda 'dlùthadh ri cùl nan geug,
'S gu domhain dùmhail dol thar na glùine,
'S ge maith an triùbhsair cha dean i feum,
Gun stocain dhùbailt' 's a' mhocais chlùdaich
'Bhith's air a dùnadh gu dlùth le éill;
B'e 'm fasan ùr dhuinn a cosg le fionntach
Mar chaidh a rùsgadh de'n bhrùid an dé.
Mar bi mi eòlach airson mo chómhdaich
Gu'm faigh mi reòta mo shròn 's mo bheul;
Le gaoth a tuath a bhith's neamhail fuaraidh
Gu'm bi mo chluasan an cunnart geur.
Tha'n reothadh fuath'sach, cha seas an taugh ris,
Gu'm mill e chruaidh ged a bha i geur;
Mur toir mi blàths d'i, gu'm brist an stailinn,
'S gun dol do'n cheardaich cha ghearr i beum.
'N uair thig an samhradh 's a miosa céitean
Bidh teas na gréine 'g am fhagail fann;
Gu'n cuir i spéirid 's a h-uile creutair
A bhith's fo éislean air feadh nan toll:
Na mathain bhéisteil gu'n dean iad eirigh
'Dhol feadh an treud 's gur-a mór an call;
'S a chuileag inneach gu socach puinsionta
'G am lot gu lionmhor le roinn a lainn.
Gu'n dean i m' aodann gu h-olc a chaobadh
Cha'n fhaic mi 'n saoghal 's ann 'bhith's mi dall,
Gu'n at mo shuilean le neart a cungaidh
Ro-ghuineach drùidhteach tha sùgh a teang.'
Cha'n fhaigh mi aireamh dhuibh ann an dànachd,
Gach beathach gràineil a thogas ceann,
'S cho liugha plaigh ann a 's a bh'air righ Pharaoh
Airson nan tràillean 'n uair bhàth e'n câmp.
* * * * *
Ma bha 'choille fiadhaich, fuachd a gheamhraidh is teas an t-samhraidh,
dian-chruaidh, na cuileagan, nimheil, na fiadh-bheathaichean, lionmhor,
na ròidean, garbh, 's am fearann 'n a dhithreabh doirbh "As nach tugadh
an Fhéinn iad féin aran," bha cridheachan nan daoine teoma, laidir, 's
cha robh gealtair 'n am measg. Mar bu chruaidhe an gnothuch b'ann bu
chalma am misneach, 's cha b' fhada gus an d'thug iad buaidh.
Thainig Seumas Ros, agus na bha leis, 's a' bhliadhna 1832. Bhuineadh am
fearann a thog iad do'n Chuideachd Chanadach agus b' i phrìs da dholair
an acair. Bha 'n talamh gu leir air a chomhdach le coille mhoir,
dhùmhail dhrislich. Bha craobhan de iomadh seorsa ann,--bha 'n giuthas
pailt, darach, beith, uinnseann, seudar, walnut, maple, agus móran eile
freagarrach airson thaighean agus oibre ghnathaichte na saorsainneachd.
Dh' fhosgail a' Chuideachd Chanadach aon rathad troimh 'n sgìre; b'e sin
uile na rinn iad. Bha muilean-sabhaidh aig fear-ionad na Cuideachd, d'am
b' ainm Domhnull Mac-an-Toisich, faisg air laimh, ach cha robh goireas
eile 's a choimhearsnachd. B' e cheud ni a bha ri dheanamh taighean a
thogail airson fasgaidh nan teaghlaichean,--mar theirte riutha
_Shantaidhean de logaichean_--bothain de fhiodh garbh air a mheadhadh
leis an tuaigh.
Ged bu taighean beaga, fiodha bh'annta cha bu taighean suarach iad; bha
iad air an deagh thogail, goireasach agus dionach ri gaillionn a'
gheamhraidh. Dh' fheumadh neach a bhith làmh-ghleusta, eòlach air gnàths
na tuaighe, an uird, an tàil, 's an tora; agus, mar an ceudna ceann
seadhail a bhi air a mhuineal mu 'n rachadh aige air taigh _logaichean_
a thogail gu ceart.
Gu'n do dh' aithnich mi o'n uair sin
Gu'm bu chruadalach a chuis dhomh
Teannadh ri reiteach na coille
'S gun mi goireasach g'a ionnsaidh.
'M fear nach dean obair le tuaigh
Is nach urrainn an uaisle 'ghiùlan
B' fheàrr dha fuireach ann an Albainn;
'S gun an fhairge gharbh a stiùireadh.
--Mac-GILLEAN.