Mhathaisith fhrogach dhubh,
Fhrogach dhubh, fhrogach dhubh,
Mhathaisith fhrogach dhubh,
'S mor rinn thu chall domh.
Rinn thu m' eorna a mhilleadh,
'S mo chuid ghorag air sileadh,
'Us cha d' fhag thu sguab tioram
Do na chinnich do bharr dhomh.
Mhathaisith, &c.
Cha robh lochan no caochan,
A bha ruith leis an aonach,
Nach do chruinnich an t-aon lan
A thoirt aon uair do shath dhuit.
Mhathaisith, &c.
Rinn thu ol an tigh Bheathain
Air leann 's uisge-beatha,
'S garbh an tuilm sin a sgeith thu
'S a' ghabhail-rathaid Di-mairt oirnn
Mhathaisith, &c.