EULOGY ON FLORA.

Floiri shugach, bhoidheach, shuil-ghorm,

A pog mar ubhlan as a' gharadh,

'N og bhean, chliuiteach 's comhnaird' giulan,

Dh' olainn dubailt a deoch-slainte,

Ge do shiubhail sibh 'n Roinn Eorpa,

'S na duthchan mor' an taobh thall dith,

Cha 'n fhaiceadh sibh leithid Floiri,

Cul bachlach, glan, or-bhuidhe na ban-righ.

Maighdean bheul-dearg, foill cha leir dh' i,

'S geal a deud o 'n ceutaich' gaire,

Caoimhneil, beusach, trod neo-bheumach,

'S ro mhaith leigeadh spreidh air airidh,

Clach-dhatha na h-Alba 's na h-Eirinn,

Nach saltair air feur a h-aicheadh,

Mar dhealt na maidne 'n a h-eirigh,

'S mar aiteal na grein a dealradh.

A leadan dualach sios m' a cluasaibh

Chuir gu buaireadh fir a' bhraighe,

Fleasgaich uaisl' a' sri mu 'n ghruagaich,

'N ti tha 'gruaim ris 's truagh a charamh,

Ach b' annsa leath' cuman 'us buarach,

'S dol do 'n bhuaile mar chaidh h-arach,

Langanaich cruidh-laoigh m' an cuairt di,

'S binne sud na uaisle chraiteach.

'S gniomhach, cairdeil, b' fhearr dhomh radhainn,

'S glan a h-abhaist, 's tearc a leithid,

Muime shar-mhaith nan laogh aluinn,

Im 'us caise theid sud leatha,

Banarach fhortain ghabhaidh

Nam miosairean lan 's a' cheithe,

Dheanadh i tuilleadh air caraid

'S a phaidheadh dhomh mal Aonghuis Shaw.

An t-ait' am faic sibh 'm bi gibht araidh

Suilean chaich bidh 'n sin 'n an luidhe,

Domhnull Ban o 'm mine Gailig

Bhuin rium laidir as an athar;

Thuirt e, thoir dhomhs' i gu bealltuinn,

Seall an t-earlas tha thu faighinn

Uam-sa, buannachd nan damh Gallda,

No ma 's fearr leat na sin faidhir.

Thuirt Domhnull Mac Bheathain 's e 's an eisdeachd,

Naile, 's fheudar dhomh-sa labhairt,

'S mise 'n t-amadan thar cheud,

A bheireadh cead dh' i 'n deigh a gabhail,

Ach thoir-se nise dhomh fein i,

'S theid ni 'us feudail a' d' lamhaibh,

Gu 'n ruig a 's na tha tilgeadh reigh dhomh

Ann am Banc Dhun-eidinn fathast.

'N uair chual am Ministeir an t-sri

A bha mu 'n riomhainn thall an amhainn,

Chuir e pior-bhuic 'us ad shiod' air,

'S chaidh e direach orm a dh' fheitheamh,

'S thuirt e, thoir dhomh-s' an ath thiom dhith,

'S ni mi tri-fillte cho maith thu,

'S ma shearmonaicheas tu fein do 'n sgireachd

Gheibh thu 'n stipean 's bean-an-tighe.

Ge proiseil sibh le 'r n-or, 's le 'r ni,

Le 'r moran stipein, 's le 'r cuid mhnathaibh,

'S fearr leam Floiri agam fhein

Na ge do chit 'iad leis an amhainn,

Dheanainn an cordadh cho simplidh

'S i dhol cinnteach feadh nan tighean,

Cia mar tha i coltach ribh-se?

'S gur h-e 'n righ tha dol g' a faighinn.

The Mashie, a tributary of the Spey, in the parish of Laggan, runs close

by Strathmashie house. It is a small river, but in harvest time, when in

flood, it causes considerable damage. The poet takes occasion to censure

the Mashie on this account; but he has his pleasant associations in

connection with the charming banks of this mountain stream, as expressed

in the following stanzas:--

The Celtic Magazine, Vol. 1, No. 1, November 1875 A Monthly Periodical Devoted to the Literature, History, Antiquities, Folk Lore, Traditions, and the Social and Material Interests of the Celt at Home and Abroad. · 第 24 / 32 题