SLOINNEADH BRIGHDE, MUIME CHRIOSD

Brighde nighean Dùghaill Duinn,

'Ic Aoidth, 'ic Arta, 'ic Cuinn.

Gach la is gach oidhche

Ni mi cuimhneachadh air sloinneadh Brighde.

Cha mharbhar mi,

Cha ghuinear mi,

Cha ghonar mi,

Cha mho dh' fhagas Criosd an dearmad mi;

Cha loisg teine gniomh Shatain mi;

'S cha bhath uisge no saile mi;

'S mi fo chomraig Naoimh Moire

'S mo chaomh mhuime, Brighde.

The Washer of the Ford: Legendary moralities and barbaric tales · 第 36 / 81 题