V.

Mar a chunnaic sinn cheana, bha inntinn an Rosaich a' tionndadh do'n

Pharlamaid agus thainig an cothrom thuige gun mór dhàil. Chaidh

ainmeachadh airson Middlesex-an-iar, an aghaidh A. P. MacDhomhnuill, an

seann bhall-parliamaid, duine beartach aig an robh greim air an

t-sluagh, 's a bhiodh doirbh a chlaoidh 's an t-strìth. Ged bha 'm blàr

cruaidh, ged bha'n Rosach òg agus gun airgead, ged bha 'n Domhnullach

cleachdta 's a chath, le maoin is pailteas air a thaobh; an uair a

chaidh an t-aonta mu dheireadh a chunntadh bha 'n duine og, lamh-fhalamh

air uachdar, agus an duine eile fodha--chaidh'n Rosach a thaghadh airson

na Parlamaid.

Chaidh e gu Ottawa far an robh 'n Ard-Chomhairle a' suidhe, 's a

bhliadhna 1872, agus bho'n am sin gu la a bhàis, shaothraich e airson a

dhuthcha araon ann an uachdranachd Chanada agus Ontario. Fa chomhair an

Rosaich 's an t-seòmar bha Sir Iain Domhnullach, Priomh-Mhinisteir

Chanada, agus ri thaobh bha aireamh dhaoine ainmeil, comasach, mar bha

Hincks, Tupper, Howe, agus Galt. Mu'n coinneamh bha comhlan de dhaoine

fhior chomasach,--Alasdair MacCoinnich, Blake, Cartwright, agus an

lethid sin,--daoine dealasach, geur, a bha ullamh agus toileach gu

cònsachadh an aghaidh 'n luchd-riaghlaidh air na ceisdean móra a bha ag

eadar-dhealachadh an da thaobh de'n Chomhairle. Bha Mr. Ros am measg

dhaoine comasach agus rinn e na b' urrainn e gu bhi foghlum gnàthan na

Parlamaid agus brìgh na h-oibre bhuapasan. Cha robh e doirbh dha

ionnsachadh, agus ann an uine ghoirid dh'fhàs e eòlach air dleasannas

fear-ionaid.

Rè a cheud bhliadhna 's a Pharlamaid dh' erich droch upraid mu 'n

airgead a ghabh Sir Iain Domhnullach bho Huistean Allan, ceannas an

rathaid-iarruinn sin,--an "Canadian Pacific." Ged a dhearbh an

luchd-riaghlaidh gu'n robh an t-airgead air a ghnathachadh ann an

cùisean an taghaidh, 's nach robh buanachd aig Sir Iain e fein dheth

idir, gidheadh, b'e beachd na Parlamaid nach robh e ceart no iomchaidh

do dh'fhear-riaghlaidh airgead a ghabhail o neach, mar a bha Mr. Allan

aig an robh gnothaichean ri dheanamh ri luchd-riaghlaidh na duthcha,

agus thug Sir Iain suas a dhreuchd. Chuireadh Alasdair MacCoinnich 'na

àite; agus thug esan a' Pharlamaid gu crich air a' bhliadna sin fein.

Sheas Mr. Ros a rithis airson Middlesex-an-iar agus chaidh a thaghadh

gun neach air bith seasamh 'na aghaidh. Fhuair luchd-cuideachaidh

Mhic-Coinnich buaidh mhór 's an taghadh 's bha e air a dhaingneachadh

mar Phriomhfhear Chanada. Fhuair, a nis, Mr. Ros an cothrom a bha dhìth

air, agus cha do sheachainn. Bha a chomas breithneachaidh agus labhairt

a' meudachadh, agus bha e fàs feumail 's an t-seómar-riaghlaidh, agus,

mar an ceudna mar chomhairliche earbsach do'n luchd-riaghlaidh. Bha e

deas-bhriathrach ann an cùisean malairt, na stuamachd, agus aiteachaidh

an fhearainn, agus bha gach bliadhna ag cur ri neart, 's ri chliu.

Chaidh coig bliadhna seachad air an doigh so, agus bha Mr. Ros gu

socrach agus gu cinnteach ag eirigh ann an spéis a cho-chomhairleach.

Anns an taghadh a rinneadh 's a bhliadhna 1878 thuit MacCoinnich agus

thainig Sir Iain Domhnullach a staigh a rithis. Bha cogadh cruaidh aig

Mr. Ros ri chur ann am Middlesex, oir bha sluagh Chanada air fad air an

dusgadh gu mór 's bha na seann làraichean, na seann chriochan eadar na

Tories agus na Liberals air an atharrachadh. B' e'n cuspair mór a bha

eadar an da chuideachd sin, aig an am: Co dhiubh a bu chòir cìs àrd a

chur air toradh dhuthchanna céin, bha tighinn a staigh do Chanada, araon

chum airgid-riaghlaidh a thogail, agus dion a chur air maoin Chanada.

Bha amanna cruaidh ann; bha bochdainn air feadh na tìre, agus bha moran

de na buill-parlamaid a sheas air taobh Mhic-Coinnich airson saorsa

malairt, nach robh air an taghadh leis an t-sluagh. Ach chaidh le Mr.

Ros oir bha meas mór air 's an t-siorramachd, agus fhuair e troimh'n

deuchainn gu sàbhailte. Anns a' Pharlamaid a lean an taghadh so, bha e

ro-dhichiollach agus bha e air àireamh am measg nan daoine comasach,

gibhteach a bha 's a' chomhairle.

Rè an ama so uile bha e 'saothrachadh mar fhear-ceasnaichidh sgoilean,

's mar fhear-deasaichidh phaipeir-naigheachd. Bha e mar an ceudna

daonnan ag cuideachadh aobhair na stuamachd, agus ag cur air an adhairt

gnothaichean eile. Cha robh e riamh 'na thamh no 'na thosd, agus b'

ionnan sgriobhadh no labhairt dha. Mu'n am so bha àite Ministeir

Foghluim Ontario, falamh, 's bha cor nan sgoil air feadh a' Mhor-roinn

car diblidh. Bha feum air duine foghainteach, glic, eolach, air an

ceann, agus roghnaich Mr. Mowat, a bha 'na Phriomh-fhear thar Ontario,

Mr. Ros airson an dreuchd. Cha b' urrainnear neach ni bu fhreagarraiche

fhaotainn. Cha 'n e mhàin gu robh mion-eolas aige air dreuchd a'

mhaighstir-sgoile, 's air uireasbhuidhean nan sgoil, ach bha a chridh 's

an obair. Thilg se e fein le uile neart air an raon ùr so, agus is ann

mar Mhinistear Foghluim Ontario a choimhlion e gealltanais òige. Air dha

Parlamaid Chanada fhagail airson Parlamaid Ontario b'fheudar dha a bhi

air a thaghadh airson Ard Chomhairle' na Mór-roinne. Cha do dhiobair

daoine Mhiddlesex-an-iar e riamh agus thagh iad e a rithis mar bu nòs.

Chuir e laghan nuadh air chois, a leasaich gu mór staid nan sgoil agus

tharruing e ri cheile air aon doigh riaghailteach na caochladh seorsa

sgoilean bho thaigh beag na sgìre gu oil-thaigh a' bhaile-mhóir, gach

ceum a' leantainn a cheile gu h-ordail, ceart a réir cleachdaidh

chumanta na h-Alba. Shoirbhich leis gu h-anabarrach agus bha sgoilean

agus oil-thaighean Ontario, ann an uine ghoirid, 'nan eiseimplearean do

dhuthchanna eile.

Ach bha aon àrd-dhreuchd eile a'feitheamh air, agus b'e sin

priomh-mhinisteirleachd Ontario; agus an deidh dha sin a thoirt thairis

chaidh e gu Ottawa, a rithis, gu bhi 'na cheannard 's 'na

fhear-treorachaidh 's an ard sheanadh. 'S an dreuchd so shaothraich e gu

la a bhàis a thainig air 's a bhliadhna 1913--làn de làithean 's de

dh'urram.

Ciod e an seòrsa duine a bha a' n so, a dh'eirich cho àrd ann am beachd

a ghinealaich féin, 's ann an inbhe?

Tha e ro dhoirbh beachd fior-cheart a dhealbh air a' chuid mhór d'ar

co-chreutairean; gu sonraichte air daoine tha àrd os ar cionn. An uair a

fhuair Gladstone bàs bha móran de'n bheachd gu'm bu dhroch duine e, a

chuir a bhuadhan cumhachdach gu fior dhroch bhuil; air an laimh eile,

bha móran a creidsinn nach robh a leithid eile ann chum leas agus maith

an t-sluaigh a sheasamh, agus gu robh e 'n a fhior bheannachd o'n

Chruithfhear do Bhreatunn's do'n t-saoghal. Tha an ni ceudna air a radh

mu Lloyd George. Bha eadar-dhealachadh beachd aig na Gaidheil 's aig na

Goill mu luach agus cliu oibre-bheatha Phrincipal Rainy--cuid a'

creidsinn gu robh e 'deanamh oibre Shatain, agus cuid eile gu robh e 'na

sheirbhiseach dileas, foghainteach do'n Ard Mhaighstir. Tha fios aig

Gaidheil Chanada mar a thilgeadh salchair nan sraid air Sir Iain

Domhnullach, agus mar a reubadh cliu Alasdair MhicCoinnich; agus, a

nis, mar tha bliadhnachan dol seachad tha deagh chliu an ainmean le

cheile a'dol a'm meud. Thig an neach a smuainicheas air nithean mar so

do'n cho-dhùnadh gu bheil breith dhaoine air an co-chreutairean 'n a ni

amharrasach air a chuid is fearr, agus gur còir do neach a bhi toigheach

mu'n bharail tha e cnuasachadh mu neach eile.

Tha so air m' inntinn fein gu mór an drasd, oir tha mi, mar gu'm b'eadh

a' toirt breith air cuspair an sgriobhaidh so. Ach tha so agam ri radh.

Bha cothrom neo-chumanta agam air Sir Seoras Ros aithneachadh. Bha mi

gle eolach air fad ochd-bliadhna fichead, a'n cois gnothaichean na

duthcha, agus mar cho-Ghaidheal. Bha cothrom saor-labhairt agam ris;

b'aithne dhomh gu math cion-fàth cuid de ghniomharan, agus, mar an

ceudna, b'aithne dhomh gu math daoine flathail, fiughanta, a bha dlùth

ri inntinn, aig an robh fior eolas air, agus a bha comasach air a

chothromachadh ann am meidh chinntich an fhein-fhiosrachaidh. B'e cuid

diu sin an t-Urramach Alasdair MacCoinnich, Tearlàch MacCoinnich, a

bhrathair, An Siorram MacEalair, Lachlann MacCorcadail, Uilleam C.

Caldwell, an t-Urramach Dr. Caven, an t-Urramach Ard-Easbuig Walsh, an

t-Urramach Dr. Milligan, is iomadh neach eile a bha inbheach no iriosal

'n an dreuchd fein. Bu tric a labhair mi riutha sin, 's ri muinntir eile

mu chliu 's mu bheatha Shir Seorais, agus bha gach ni a tha mi ag cur

sios ann an so air a dhaingneachadh leo. "Tha lagh nam modhannan air a

chur sios gu h-aithghearr anns na deich àitheantan," agus is ann a reir

an lagha sin a tha breith cheart gu bhith air a toirt air caithe-beatha

ar co-chreutairean. Ma shìnear slat-thomhais an lagha sin thairis air

beatha Shir Seorais Rois tha mi làn chreidsinn nach bi a chliu aon

òirleach ni 's giorra na cliu an neach a b' urramaiche a shuidh riamh

ann an caithir priomhfhear Ontario, ged is mór an radh sin.

Bha'n Rosach 'n a dhuine moralta, 'n a dhuine glan 'n a ghnè, uasal 'n a

ghiùlan, neo-shanntach 'n a inntinn, coibhneil do 'n bhochd,

foidhidneach fo thrioblaid, fad-fhulangach fo bhuaireadh, comasach 'n a

bhuadhan, fileanta briathrachail 'n a chainnt, drùidhteach 'n a

òraidean, araon soilleir agus farsuing 'n a bheachdan, gleusd ann an

deas-boireachd, dileas d'a choguis, firinneach d'a dhuthaich, agus

durachdach, dileas, 'n a dleasanas.

Tha mi creidsinn gu robh Mr. Ros ag iarraidh le uile chridhe an ni a bha

ceart a dheanamh a thaobh a dhuthcha mar bhall parlamaid, mar

mhinisteir, 's mar Phriomh riaghladair. Tha mi creidsinn gu robh e

feuchainn mar a b' fhearr a dh' fhaodadh e a làn dhleasanais a

choimhlionadh gu h-onarach d'a cho-chreutair, bho'n neach a b' airde gus

an neach a b' ìsle, mar neach a bha cunntasach do shluagh na tìre airson

gach gniomh d'a dheanadais choitchinn. Ni 's fhaide cha ruig mi leas a

dhol 's a' chuis so an drasda, ach na'n robh an t-am iomchuidh, tha mi

creidsinn gu'm faotainn a radh le firinn gu robh a dhochas steidhichte

ann an àrd-uachdranachd an Fhreasdail sin a tha lùbadh gach gniomh 's

gach oidheirp dhaonnail chum a chriochan maith fein. Gidheadh, tha 'us

bithidh caochladh bheachdan am measg an t-sluaigh air an Rosach, mar

dhuine 's mar mhinisteir stàid. 'S dual dha sin tachairt; tha gach neach

againn fein buailteach do'n ghnàths cheudna. N' am b' urrainn duinn fior

smuaintean ar cairdean 's ar coimhearsnach oirnn fhein, air uairibh,

fhaotainn am mach, chuireadh iad mór iongantais oirnn, oir is tana an

eigh tha fo m' chasan-sa, agus fo d' chasan-sa, a charaid, co air bith

thu.

Bho thoiseach gu deireadh a chùrsa bha Mr. Ros trang ag obair. Cha

deachaidh stad air a shaothair. B'e sin cion-fàth a shoirbheachaidh.

Thoisich e mar bhallachan bochd; cha robh airgead no òr air a chùlthaobh

g' a chuideachadh air adhart. Tha'n cothrom cheudna a bh' aigesan aig

gach òganach a tha 's an tìr an diugh. 'S i obair chruaidh agus inntinn

ghlan a bheir neach gu mullach na beinne. Ma 's e marsantachd, dreuchd

an lighiche no 'n fhir-lagha, na ministeirleachd, no oibre-laimh a

th'ann, feumaidh neach a bhith 'n a fhior mhaighstir air a ghniomh, agus

feumaidh e a bhuadhan a gheurachadh leis an fhoghlum sin a tha feumail

airson a dhreuchd. Tha a' mhór chuid dhinn comasach air so a dheanamh ma

tha slàinte cuirp agus beachd suidhichte againn ar làn dhichioll a

dheanamh.

Tha'n sean-fhacal ag radh: "Ni lamh na leisge bochd; ach ni lamh nan

dichiollach beartach." Cha d'rinn lamh dhichiollach Shir Seorais beartas

dha. Bha e 'n a dhuine bochd o thòs gu éis a bheatha, mar bu tric fo

fhiachan trom, ach a ghnath g' am paigheadh mar bha 'n comas aige, 's

aig a' cheann mu dheireadh mar robh moran ri fhàgail 'na dheidh cha robh

dad ri dhioladh. Ach thug e neart a bheatha agus toradh a chinn 's a

chridhe do'n stàid, chum, mar bha dùil chinnteach aige, maith an

t-sluaigh.

Cha robh doimhneachd bhuadhan aige mar bha aig cuid de cho-aoisean ann

an Canada; agus cha d'fhuair e cothrom 'n a òige air inntinn a

liobhrachadh air cloich-bhleith a chruaidh oileanachaidh, a

dh'àraicheadh araon fìnealachd chainnt agus eagnuidheachd smuain. Bha'n

uireasbhuidh so r' a faicinn 'n a mhodh-labhairt, 'n a mhodh-sgriobhaidh,

agus 'n a mhodh saothrachaidh. Ach, "Is airde tuathanach air a chasan na

duin'-uasal air a ghluinean."

Ann an aon de dh'òraidean an Rosaich air beulaibh Comuinn Naoimh

Aindreis, Thoronto (1909) thubhairt e gu robh sluagh Chanada

comharraichte math gu bhith tionail 's a' togail gliocais agus ceill o

gach cearnaidh de'n t-saoghal, 's g'an ùisneachachadh airson am buanachd

féin. Tha iad a' tionail fiosrachaidh agus nuadh smuaintean mu chuisean

malairt is airgid as gach àite 's am faighear iad. Tha iad a' toirt bho

ghnàths-riaghlaidh dhuthchanna eile na tha iad am beachd a fhreagarras,

's a leasaicheas an gnàths-riaghlaidh fein.

Bha am beachd so gun teagamh ceart, agus tha mi'n duil gu bheil e ceart

mu'n Rosach e fein. Bha alt fir-tionail aige ann an ìre mhór; ghabhadh e

stigh eolas mar a shlugadh suil-chruthach clach. Agus rinn e 'na bha 'n

a chomas chum a bhuadhan a neartachadh le cleachdadh daonnan a thoirt

dhaibh a' tional eolais anns gach raon a bha fosgailte dha. Cha robh

moran 'san tìr so a dh'obraich cho cruaidh 's cho bitheanta ris air

thòir eolais gu bhi leudachadh 's a meudachadh a thuigse, agus ann an

roinn mhor shoirbhich leìs. Dh' àrdaich e tuigse, agus "chur i suas e;

thug i gu urram e; thug i d'a cheann coron maise, crùn gloire thug i

seachad dha." Cha'n fheil mi ag radh gu'n deachaidh gliocas ceum air

cheum, lamh a'n laimh ri a thuigse, ach gun teagamh b' i 'n tuigse air

nithean a dhreuchd 's a dhuthcha, a bhuinig e le mór dhichioll, a thug

comas dha eiridh gus an inbhe air an d' rainig e.

Mar bhall-parlamaid ann an Ottawa bha e dian, dlùth, mar thuirt mi

cheana, ann an ceum a dhleasanais. Bha e bitheanta 'na àite, a' toirt

speis agus suim do'n obair bha'n laimh; a'rannsachadh chùisean na

duthcha, 's g'a ullachadh fein airson oibre làitheil an Taighe. Air an

doigh so, le sior-shaothair, daonnan ag obair, fhuair e lethid a

mhaighstireachd air gnothaichean na parlamaid, 's gu robh e comasach,

gun rabhadh fhaotainn roimh laimh, labhairt aig am 's am bith, air

cuspair 's am bith a dh'fhaodadh tighinn air lom, agus làn-cheartais a

thoirt do'n chùis. Cha robh ach aon duine eile 's an Taigh, aig an am

sin, a b' urrainn an ni ceudna a dheanamh--Mr. Anglin, nach mairean,

athair a' bhreitheimh ann an Ottawa. Cha'n i slighe shoirbh a tha

treòrachadh gu soirbheas; ach "theid an t-anmhunn dichiollach thar an

laidir leisg," agus a rithis, "Is treun fear an eòlais."

An deidh do'n Rosach bhith aon-bliadhn' deug ann am Parlamaid Chanada,

roghnaich Mr. Mowat e gu bhith 'na Mhinisteir Fhoghluim airson Ontario.

Dh' fhan e 's an dreuchd sin fad sè-bliadhna deug--gus a' bhliadhna 1899

'n uair a ghairmeadh e gu bhith 'n a Phriomh uachdaran air a mhor-roinn

so. Mar Mhinisteir Fhoghluim bha e tri bliadhna deug fo ughdarras Mhr.

Mowat, duine a choisinn spéis agus earbsa an t-sluaigh, mar dhuine còir,

ceart, curamach. Ri linn-san rinn an Rosach a' chuid bu mhotha 's bu

doirbhe de obair mar Mhinisteir Fhoghluim. 'S e beachd a' chuid mhór an

diugh gu'n do chuir e comharradh ionmholta a mhaireas iomadh la air

sgoilean agus oil-thaighean na tìre. Tha mi creidsinn g'um b' e an ni bu

mhotha a rinn e fad a dhreuchd na h-oilthaighean a tharruing ri cheile

ann an Toronto a' ceadachadh do dh'aon oil-thaigh laidir fàs suas a'n

àite àireamh de dh' fheadhainn lag a bhith strìth airson am beatha.

Nochd e mór thapachd air uairibh an cois a dhleasanais do na sgoilean.

Tha Foghlum na duthcha so làn de dhoirbheachd; cha'n e gnothuch furasda

a th'ann do neach air bith. S' dual d'a comhstrith àrach,--Tha

maighstirean sgoile, ministeirean, àrd-ollaimh, oileanaich, 's an sluagh

air fad, ioma-bheachdach, agus is dual do gach neach a bhith sparradh a

bheachd fein air a' mhinisteir. Tha e nadurra gu'm biodh tuasaid,

aimhreit, agus droch-fharachdainn ag eirigh 's a bualadh a' mhinisteir

mar a ghaoith chreanndaidh earraich. B'e sin a' chùis; agus tha e chum

creideas an Rosaich gu' n d'fhuair e troimh shè bliadhna deug de'n

stoirm le aodach slàn air crann an eathair. Dh' fhaodadh neach innseadh

a'n so, 'n am b'fheudar, mu chuid de na nithean dalma, curanta a rinn e,

mu nithean a thug e gu buil mhaith an aghaidh luchd-strìth, agus mu

nithean a chum e air an ais, 's a bhac e gu tur, an aghaidh neirt

luchd-tagraidh 's luchd-bagraidh chumhachdach a bhiodh ag iarraidh

nithean nach bu chòir daibh. Ach cha ruigear a leas sin a dheanamh.

Sheasadh e roimh Mowat 's a cho luchd-riaghlaidh gun lùbadh glùn, 's cho

daingean ri carraig, air taobh na còrach, mar a chunnaic esan i. Tha so

agam bho dhithis de cho-luchd-riaghlaidh a thug an teisteas dhomh gu

robh e ghnàth ag iarraidh an ni a bha ceart a dheanamh. Chaidh innseadh

dhomh leis an rùnair a bha comhladh ris rè na sè-bliadhna deug sin, nach

d' fhalaich e riamh bho shùil neach eile aon litir a fhuair e mar

mhinisteir, air gnothaichean nan sgoil. Bha iad fosgailte do neach air

bith aig an robh gnothuch r'an leughadh; air an doigh cheudna, cha robh

ni 's am bith de obair a dh' iarr e a chleith bho chleireach no

oifigeach a bha g'a chuideachadh. Cha b'urrainnear dearbhadh ni b'

fhearr na so fhaotainn nach robh aobhar eagail aige gnothuichean

coitchionn a dhreuchd fheuchainn do'n t-saoghal.

An los a shaothair fhuair e urram na doctaireachd o oil-thaighean Naomh

Aindreis, a'n Alba, na Ban-righinn, agus Toronto, ann an Canada.

Ri linn mar Phriomh-fhear bha suidheachadh na mor-roinne so car

trioblaideach. Bha na Liberals gle fhada air ceann na duthcha, 's bha na

neoil a'cur sgaile throm air an iarmailt. An uair a ghabh an Rosach an

stiùir, cha 'n e mhàin gu robh stoirm chunnartach a' cruinneachadh air

gach taobh, ach bha'n soitheach fein sean, tulgach, eu-dionach. Cha robh

riaghladh Mhowat aghartach gu bhi fosgladh suas na duthcha, no gu bhi

cur air chois oibre mhóra. Bha Mowat ro chrionta mu bhi cur am mach

airgead air leasachadh na tìre. Bha e 'n a shàr fhear-lagha, cùramach,

faicilleach, ach cha robh sgonn ghnothuich air. Mar sin, bha moran

nithean air am fàgail gun deanamh, 's bha'n duthaich a' fulang o' n

ghoirt. Bha Mr. Hardy, a lean Mowat, briste 'n a shlàinte, ach beag fad

a riaghlaidh, gun chomas moran a dheanamh. Bha'n duthaich ag eigheach am

mach airson oibre, airson leasachadh crannchur, agus chuir an Rosach

aodann an t-soithich, breòite mar bha i, ri aghaidh gaoithe. Air a'

chùrsa b' iomadh tonn a bhuail oirre, b' iomadh oidhche, dhubh, neulach,

dhorcha a sheas an ceannard air clàr, b'iomadh uair bha'n combaist fa

chomhair agus luaidhe ghrunn-aichidh teagamhach 'n a laimh; an drasda 's

a rithis b' fheudar bhi teann ri ceann am fhuairidh, ach sheas e àite,

ghleidh e 'n stiùir, is shàbhail e 'n luchd bh'air bòrd. Bha cuid de'n

luchd so ro-luachmhor, mar a bha fosgladh suas Ontario-mu-thuath, agus

an fhurtachd a thug e do dh'oibribh mora Chlergue aig Sault Ste. Marie,

a shàbhail iad o bhristeadh; agus am misneachadh a thug e do na

cuideachdan a tha toirt cumhachd-dhealan a uisgean Niagara. Cho luath 's

a ghabh e 'n laimh riaghladh Ontario chuir e am mach deich sgioba do'n

taobh tuath a rannsachadh na duthcha o chrioch Chuibec gu Nepigon 's an

iar. Fhuair iad sin a mach naduir agus gnè na duthcha moire sin--gu'n

robh moran fiodh luachmhor ann agus talamh beartach, torach a thogadh

gach seorsa gràn agus fhreumh airson bidh dhuine agus ainmhidh. Air dha

so a bhith air a dheanamh soilleir dha, leag e rathad-iarruinn troimh 'n

duthaich chum fhosgladh. A'n cùrsa na h-oibre fhuaireadh airgead agus

cobalt a'm pailteas mhór, agus leis a so chaidh moran sluaigh gu tuath.

A nis, tha òr is airgead agus meinn eile a' toirt a staigh suim a tha

dol gus na muileinean gach bliadhna; agus tha'n comhnard mór creadha a'

gabhail a steach ceudan de theaghlaichean a tha faotainn dachaidhean a'n

sin mar a fhuair na priomh luchd-aiteachaidh roimhe so ann an Ontario mu

dheas. Buinidh cliu an euchd mhoir so do Sheoras Ros, ach cha 'n 'eil

aon àite do'n duthaich ùr so ris am bheil ainm co-cheangailte mar

chuimhneachan. Tha ainmean Latchford, Engelhardt, Matheson agus Cochrane

gu h-àrd urramach 's an taobh tuath, ach cha'n 'eil baile beag no mór,

beann, sliabh, no sruth, air ainmeachadh air an duine a rùnaich, a

thòisich, 's a thug gu buil, an obair o'n do shruth so uile.

Ach am measg nan gnothaichean neo-dheanta a bha glaodhaich airson

fuasglaidh, cha robh aon aig an am so cho buaireanta ri gnothaich na

stuamachd, 's tha mi'n dùil nach fheil aon chupan a dh'òl an Rosach rè a

mhinisteirleachd a bha cho seirbh rithe so. Bha e air taobh na stuamachd

fad a bheatha. Bha moran chairdean aige air an taobh cheudna, agus bha

dochas aca gu'n seasadh e gu dileas leo. Air an aobhair sin feumar

leudachadh car mionaid air a so.

Ri linn Mhowat, gheall an duine sin do na Stuaimich gu'n deanadh e lagh

an aghaidh a bhith deanamh deoch laidir ann an Ontario, no gu bhith g'a

reic no g'a cheannach,--a'n goirid,--nach biodh malairt na dibhe air a

cheadachadh 's a Mhor-roinn; 'n am biodh e air a dheanamh soilleir le

àrd-chuirt Lunnainn gu robh cumhachd aig Parlamaid Ontario

lagh-bachdaidh de'n t-seorsa sin a dheanamh. Rinn ard-chuirt Lunnainn

soilleir gu robh an cumhachd so aig Parlamaidean Mor-roinnean Chanada,

ann an cuis Mhanitoba, agus bha duil aig Stuaimich Ontario an

lagh-bachdaidh fhaotainn. Ach mu'n d' thainig breith Lunnainn a mach,

chaidh Mowat gu Ottawa, agus lìon Hardy àite ann an Toronto.

Dh'ath-ùraich Hardy gealladh Mhowat, ach cha d'fhuair e cothrom a

choimhlionadh. Lean Ros Hardy agus bha na Stuaimich a' cumail a mach gu

robh esan cuideachd ceangailte le gealladh Mhowat agus Hardy. C'arson,

ma ta, nach do choimhlion e an gealladh? 'Nam b' urrainnear a cheisd so

fhuasgladh bheirte air falbh an smal a's duirche th'air cliù Shir

Seorais an diùgh. Tha mi 's an t-suidheachadh so,--gur urrainn domh

mineachadh Shir Seorais fein a thoirt seachad. Chuir mi a cheisd ris la

ann an Ottawa beagan is bliadhna roimhe so. 'S ann mar so a fhreagair e

mi:--"Bha mise gu tur neo-chomasach air gealladh Mhowat agus Hardy a

thoirt gu crich aig an am. Cha robh ni a bha ni b' fhaisge do m'

chridhe, ach bha e do-dheanta. 'S a' cheud àite cha robh an gealladh air

a thoirt leamsa ach le Mowat, agus an deigh sin le Hardy. Tha fhios agam

gu'n do cheangail an gealladh sin co-riaghlairean Mhowat agus na

Liberals, ach cha do cheangail e mise mar aon dhuine idir, do bhrigh

nach b'e mise gu pearsanta a thug an gealladh. Nis, bha is tha mi de'n

bheachd gu'm bu chòir do na Liberals an gealladh a choimhlionadh, 's tha

mi creidsinn gu'n dean iad sin fhathasd ma gheibh iad an cothrom,[1] ach

an uair a dh' fheuch mise ri mo cho-riaghladairean 's mo luchd-taic de

na Liberals a cho-eigneachadh gu lagh-bacaidh a thoirt a staigh, dhuilt

iad calg-dhireach sin a dheanamh. Thairg mi mo dhreuchd a leagail sios,

ach cha d' rinn sin feum. Cha robh mi riamh de'n bheachd gu robh e ceart

do dh--uachdran sam bith a bharail fein a spadadh air muinntir eile an

aghaidh an toil. Rinn mise na b' urrainn mi, ach cha robh cumhachd agam

daoine a bha neo-thoileach a dheanamh toileach a dhol leam. Cha 'n e

mise bu chòir an uallach so a ghiulain, ach na daoine a dhiult 's a chum

air ais mi 's a' chùis. Tha mi deonach mo chuibhrionn dligheach de'n

choire a ghabhail orm fein, ach faodas tu so a chreidsinn, cha'n e mise

bu choireach. Tha iad ag radh nach d'rinn mi mar a rinn Alasdair

MacCoinnich mu chise-marsantachd na duthcha. Tha diurras mhor eadar an

da chuis. Sheas a chuid mhor do chuideachd Mhic-Coinnich leis-san; cha

d'rinneadh sin leam-sa. A bharrachd air sin, cha b' e cùis choguis, ach

cùis beo-shlainte ris an robh aig MacCoinnich ri dheanamh. Bha e ro

dhiorrasach, ro rag 'na bheachd; cha robh còir no ceart aige feuchainn

ri thoil fhein fhaotainn 'dheoin no dh' aindheoin, 'n uair bha 'n

duthaich dol fàs cion dìon. Cha 'n 'eil an còir so aig duine 's am bith

's an t-saoghal. Chaidh an la seachad anns am faigh riaghladair a thoil

fhein neo-air-thaing do chàch. Faodaidh duine tha saor o dhreuchd a

bheachdan fein a bhi aige, ach ann an duthaich a tha fo shaor

riaghlaidh, 's e toil an t-sluaigh, cha'n e toil an uachdarain is còir a

dheanamh."

[Footnote 1: Dh' fheuch iad ri sin a dheanamh 's an Taghadh a'n 1914.]

Dh' fhiosraich mi fein a' chùis gu ro-mhionaideach, 's tha mi

smuaineachadh nach urrainn a' mhor-chuid de na Liberals clach a thilgeil

air a chliù, 's an ni so. Tha mi creidsinn mar theid uine seachad gu'n

tig an fhior chor gu solus, 's nach bi càin throm ri phaidheadh le

'dheagh-chliù.

Bha e air a radh gu'n d'fhan e ro fhada air ceann an riaghlaidh. Tha mi

creidsinn gu'n d'fhan. Tha mi creidsinn gu'm fac' e caochladh a' tighinn

air earbsa an t-sluaigh, 's 'nan robh e saor, nach fhanadh e a'n

cumhachd cho fada 's a dh' fhan e. Ach mar thuirt e fein: "Cha b' ann

leamsa na Liberals b'ann leosan mise. Bha mi 'n am Phriomhfhear, ach b'

ann mar àrd-sheirbhiseach, cha b' ann mar Impire na-Gearmailt." Chaidh e

's a' chùis so, reir comhairle, cha b' ann a reir a bheachd fhein.

An uair a chaidh e do'n duthaich air an tràth mu dheireadh cha robh

traoghadh air a mhisneachd no air a threuntachd. Dh' fhoillsich e cridhe

an leoghain 's a' chath. Bha a bhuadhan air an lasadh le teine

'mhac-mheamna, agus shoillsich a bhriathrachas dubhachas deistinneach na

comhstrith mar dhealraicheas dearrsadh gealaich an fhogharaidh dubhar na

h-oidhche. Bu shluagh mór na Ceiltich 's an am a thriall, 's cha do

chaill iad buaidh fola an sinnsearan fhathasd. Cha b' e gnè an fhior

Ghaidheil teicheadh roimh namhaid; "Oir geill cha tug Camashronach

riamh"; geill riamh cha d'thug clanna Chuinn Cheud-chathach, no siol

Olghair nan Lann, no sliochd Chabarfeigh, no clann Diarmaid O'Duinn,

d'an suaicheantas ceann an tuirc; mar sinn nam fineachan eile, na

Rosaich nam measg, 's cha bu dual gu'n leagadh Sir Seoras sios a shleagh

's e beò. 'S an taghadh so sheas e a chùis, ach beag, 'na aonar, air

beulaibh an t-sluaigh. Cha robh moran de mhaithibh a thaobh fein maille

ris air chuairt. Bha coinneamh an deidh coinneimh aige air feadh na tìre

air fad, 's ged bha'n sluagh a' tuiteam air falbh bhuaith cha do chaisg

e aon oidheirp, nior robh coltas sgìths air an t-seann each cogaidh no

air a mharcaiche. Thuit e mar thuit na ceudan, ach thuit e 's a' bhlàr,

le aghaidh ris an namhaid.

Ann an seomair na Parlamaid bha a thlachd ann an gleadhraich nan teanga.

Bha e geur sgaiteach 'n a bhriathran,--"ealamh, ullamh, aigeannach," mar

tha'n duan. An uair bhiodh deasbud mór air lom, bha e dàna, colganta,

àrd-bhriathrach. Bha e'n sin 'na làn eileamaid; mar shaighdear 's a'

chogadh, le claidheamh liobharach chinn Ilich 'na dhòrn, a teumadh, a

beumadh, 's a bearnadh am bac baidealach ri aghaidh air taobh eile na

cùis. Bha gniomh an fhir-chlis aige agus cleas an gatha-builg. Cha robh

aon innleachd an fhir-labhairt air nach robh e 'na mhaighstir, 's b'

ainneamh an t-am nach do choisinn e àrd dhuais an fhir-thagair.

Thubhairt mi gu robh e coibhneil do'n bhochd agus foidhidneach fo

thrioblaid. Mar dhuine bochd e fein bha bàigh aige do na bochdan agus

bha a lamh 'n a sporran gu minic. Airson moran bhliadhnaichean fhuiling

e péin is doruinn leis a ghreim-lònaidh a bha nimheil is cruaidh ri

ghiulan. Ach bha fhoidhidinn fo'n eucail so ro-iongantach. Bha e

tiorail, blath-chridheach 'n a theaghlach agus ri aghaidh dhaoine. Agus

an uair a bha neach 's am bith comhradh ris bha e cuirteil, eireachdail,

mar gu'm bu phrionns' a bhiodh ann.

Mar Ghaidheal bha e làn-inntinneach, dileas agus fialaidh. Bha e

deidheil air a' Ghaidhlig agus air eachdraidh na Gaidhealtachd air an

robh e mion-eolach. Bha e pròiseal mu na rinn na Gaidheil do Chanada;

agus beagan mhiosan mu'n do chaochail e dh' iarr e orm a chuideachadh gu

comunn de chlann Rois a chur air chois ann am America. Chaidh so

dheanamh agus chaidh e fein a thaghadh air an ceann. Bu toil leis a bhi

cluinntinn 's a bhi comhradh mu na Gaidheil, agus bha tlachd aige a

bhith 'n am measg. "A chuid de Phàras dha." 'S fhada mu'n tig an latha

air nach bi ainm air a mholadh am measg a cho-luchd-duthcha ann an

Canada.

Gearr-sgeoil air Sir Seoras Uilleam Ros · 第 13 / 14 题