’S gu’m b’éibhinn, gu’m b’éibhinn,
Gu’m b’éibhinn a’ Bhrataich i,
’S gu’n leumainn, gu’n leumainn,
Gu’m leumainn le h-aiteas rith:
Teannaibh dlùth le aon rùn,—
Teannaibh dlùth gu cabhagach,
Cuiribh ’n àird i ’s gach àit
Biodh gu h-aluinn ’crathadh i,
’S aig éigheach, aig éigheach,
Aig éigheach gur maireann i.
’S gur spéiseil, gur spéiseil,
Gur spéiseil ri labhairt i!
’S gibht o Dhia i gach ial
Chaoidh nan cian cha dealaich rith?
Fhuair i àit ann ar gràdh,
Tha ri ’r nàdur ceangailte,
’S cha tréig sinn, cha tréig sinn,
Cha tréig sinn ’n ar n-anam i;
’S cha ghéill sinn, cha ghéill sinn,
Cha ghéill sinn, do’n t-Shasunnach,
An e so seana Chabair-féidh?
Cumaibh suas a’ Ghàelic ghrinn
Ann ’ur srathaibh ’us ur glinn;
Deanaibh ’teagasg do ur cloinn,
’S na cuireadh Goill fo’n casan i.
Labhraibh i gu sgairteal dàn
Gun aon rugh ’n ’ur gruaidh le nàir;
Anns a’ bhaile ’s air an t-sràid,
Ged bhiodh e làn do Shasunnach.
Cumaibh suas, &c.
Cainnt na h-aoigheachd ’us na fàilt,
Cainnt a’ chaoimhneis ’us a’ ghràidh,
A bheir aoibhneas ’s gean gu fàs,
’S a chuireas blàth’s ’n ’ur n-aignidhean.
Cumaibh suas, &c.
Cha b’ionnan i ’s Bhanshas’nnach mhòr
’Rinn àrd sgoileirean na h-Oigh,
Le Gréigis thioram, ’s Laidionn reòt,
’S ann chuir iad còmhdach’ sneachdaidh oirr.
Cumaibh suas, &c.
Cha’n’eil i tioram, [2]crainntidh, fuar,
Mar bhean mhòr-chuiseach na h’uaill,
Mu bhios sibh pòsda ri bidh truagh,
’Us ni le fuachd ’ur [3]meileachadh
’S dh’ fheumadh pige dh’ uisge sgàld,
A chuir fo bhonn ’ur cos ’se làn,
’S còmhdach tlàth o’r ceann gu’r sàil
Mu’m blàthaich sibh ’san leaba leth.
Cha b’ionann i ’s a’ [4]chruinneag chòir,
Nighinn a’ Ghàel ’s a’ cridh a’ teòth,
Tha innte blàth’s ’us tlus gu leoir,
’S i gun mhòrchuis ceangailt rith.
Cumaibh suas, &c.
A bhan-[5]Ephiteach ’s a’ bhan-tràill
Na gabhaibh steach an caidreamh blàth,
Na bean-taigh’ na biodh gu bràth,
Biodh i ghnàth ’na ban-oglaich.
Cumaibh i ri obair chruaidh,
Biodh i mach ri am an fhuachd,
(Ged tha i làn do ’n stràichd ’s do ’n uaill);
Oir tha [6]ghruagach cleachdta ris.
Cumaibh suas, &c.
Tha ’feachd ’sa h-armailt ri dian strì,
Gach bochd ’us beairteach thoirt fo ’cìs,
’S a cuir ’n a suidhe mar bhanrìgh,
Anns an tìr mar [7]Ealasaid.
Ach fhad ’s a bhios an fhuil gu blàth,
’Ruith ann an cuislibh nan Gàel,
Cha dean iad strìochdadh dhi gu bràth
Ged ni sgàin ’s a chraicionn i.
Cha cheadaich iad d’am [8]Màiri ghrinn,
Mhàlda, bhanail, cheolmhòr bhinn,
Bhi gun tròcair call a cinn
Leis a’ mhilltear Shasunnach.
Cumaibh suas, &c.
Am maighstir-sgoile anns gach àit
Deanaibh ghrad chuairteachadh gun dàil,
’S abraibh ris gu daingean, dàn’,
“Cha leig ’ur cànain seachad sinn!”
“’S dean thusa ’teagasg do ar cloinn,
A chum ’s gu ’n leugh iad i le sgoinn,
’S nach bi iad uimpe mar na doill
’Us na Goill ri fanaid orr’.
“’Us àill leinn thu dhoibh theagasg beurl,
A chum ’s gu ’n tuig iad i ’s gu ’n leugh,
Ach do ’n Ghàelic thug sinn spéis,
’S thoir-sa éisdeachd ealamh dhuinn.”
Cumaibh suas, &c.
’S gach neach ’n ur measg a chi ’ur sùil
’Us earball peacaig air a chùl,
’Le uaill ’s le mòr-chuis a chion-tùir
A’ diùltadh bhi ga labhairt ruibh.
Labhraibh ris gun mhodh gu grad,
Abraibh ris gun sgeig, gun mhag’;
Tha sinne ’faicinn mach troimh t’aid’
Cluasan fad na h-asail ort!
Cumaibh suas, &c.
Tha Goill ’us Sas’nnaich tigh’nn ’nam brùchd
A nios le carbadan ’n a smùid,
’S ni iad a fògradh as an dùth’ch
Mar grad dhùisg na h-Athalaich’.
Dùisgibh, dùisgibh, ’luchd mo ghaoil,
Seasaibh le dùrachd air a taobh,
’Bratach gu sùrdail deanaibh sgaoil,
A chum ’s a ghaoth gun crathadh i.
’S na bodaich dhubh ’n taobh thall [9]Lochbraon,
Abraibh riu le h-iolaich glaoidh,
Nach ’eil sibh uile gabhail nàir,
’S gu’n d’fhàg sinn n’ ur [10]cadal sibh?
Nach ’eil fo nàir sibh thaobh ’ur dùth’ch’,
Ris a bhan Ghàel bhi cuir ’ur cùl,
’S mar na tràillean lub ’ur glùn
’S toirt ùmhlachd do ’n bhan Shasunnaich!
Cumaibh suas, &c.
Gach creag ’us coire, stùchd ’us càrn,
Gach lag ’us cnochd, ’us slios, ’us learg,
Gach glaic ’us tullaich, eas ’us allt,
Tha ’labhairt cainnt ar n-athraichean,
Tha guth ri chluiantinn o gach fonn,—
Gach dail, ’us bail’, ’us dùn, ’us tòm,—
Gach beinn, ’us coill, ’us leachduinn lòm
Tha gu pongail ’labhairt iad.
Cumaibh suas, &c.
Nach ro mhuladach an sgeul,
Ma bhios ’ur gincil thig ’n-’ur déigh
Gun aon smid dhi ann am beul,
Ach i gu lèir mar Laidionn doibh.
[11]Dal-an-amair an Gleann Ile?
Cha tuig aon anam tha ’s an tìr
An [12]t-alltan _burn_ rinn iad na bhurn;
Ach ’n a bhurn ’us cabhbaig air.
Cumaibh suas, &c.